aon-teanga-high

Aon Teanga:Un Çhengey – Comhdhail as Ùr

Aon Teanga:Un Çhengey – ge bith dè mar a litricheas duin’ e, ’s e an aon nì a tha ann. Trì guthan binne à na trì dùthchannan Gàidhlig mar aon, a’ toirt còmhla Gàidheil Alba, Èireann is Mhanainn uair eile. Tha Aon Teanga:Un Çhengey a’ dèanamh luaidh air a’ Ghàidhlig mar aon chànan eadar na trì nàiseanan, airson a’ chiad turas ann an ceudan bhliadhnaichean.

Thachair an trìuir sheinneadair gun fhiosta, air ais ann an 2013 ann an stiùidio ainmeil Watercolour Music an Àrd Ghobhair. Bha Ruth Keggin air tighinn a chlàradh a ciad chlàr, ‘Sheear’, agus bha an t-Èireannach òg, Eoghan Ó Ceannabháin, aon de theaghlach ainmeil a thaobh seinn seann nòis, air aoigheachd aice an sin. Choinnich iad an sin ri Màiri Anna NicUalraig, co-stiùiriche Watercolour, agus nochd còmradh caithris na h-oidhche gu robh dlùth dhàimg eadar an trìuir a-thaobh òraid Ghàidhlig, sean is ùr. Chaidh cùrs’ a dhealbh, agus bha bhòid Aon Teanga:Un Çhengey deiseil airson dèanamh air muir.

Le taic Comhairle Ealain Mhanainn agus program Beyond Borders le Fonndas Ciùil PRS, thàinig  Comar agus Watercolour Music còmhla ann an cuideachd Cultúrlann MhicAdam Ó Fiaich agus Culture Vannin, gus cothrom a thoirt do Ruth, Màiri Anna agus Eoghan clàr a dhèanamh agus cuairt a dheasachadh a’s a bheil òrain an dualchas agus ùr-nodha a’ bharrachd, ann an Gàidhlig na h-Èireann, Alba agus Mhanainn. Agus do dhaoine dham bu dual an cuan mar phrìomh-cheangal eatorra, tha blas an t-sàil air a’ cheòl, ge b’ e òran seòlaidh, cumha bàthaidh, ainmhidheachd a’ chuain, no buaidh dhaoine air àrainneachd na mara.

An cuideachd nan seinneadairean, tha Finlay Wells às an Òban, air giotàr, am fìdhlear Ultan O’ Brien à Conndaidh an Chlàir agus Gordan MacIllEathain bho Chomar fhèin. Tha Aon Teanga:Un Çhengey cuideachd a’ toirt taing do dh’Iomairt Ciùil Alba (EMS) agus do Cholmcille airson an cuid taic le cuirmean beò na cuairt anns na trì dùthchannan.